Jump to content

Coirce

O Uicipeid

'S e a th' ann an coirce(avena sativa) seorsa gràn no sìol a thathas a' fàs airson a' phòir aige. Thathar ga chur airson connlach do bheathaichean, (gu h-àraid sprèidh is eich), agus airson biadh a dhèanamh do dhaoine, mar eisimpleir mìn-choirce, no coirce air a phronnadh le inneal.

Tùs

Tha coirce an latha an-diugh (avena sativa) agus mion-bhàrr eile (Avena byzantina) a' buntainn ri choirce-fiadhain (avena sterilis). Thathar dhen bheachd gun tàinig e à sgìre sa Mheadhan-Ear, a' gabhail a-steach pàirt dhen Èiphit.


Àiteach

Tha coirce ga fhàs air feadh roinnean tlàth. Chan eil ach teas ìosal a dhìth air as t-samhradh, agus seasaidh e ro uisge nas fheàrr na gràn eile mar chruithneachd, seagal no eòrna. Mar sin dheth, tha e na bhàrr bunaiteach ann an àiteannan far am bheil samhraidhean fliuch fionnar mar iar-thuath na Roinn Eòrpa, agus fiù 's cho fada tuath ri Innis Tìle. Tha eachdraidh mhòr aig coirce ann an Alba. 'S e lus bliadhnail a th' ann, agus thèid a chur aon chuid as t-fhoghair (airson buain deireadh an t-samhraidh), no as t-earrach (airson buain tràth an fhoghair).

Biadh is deoch

Bha coirce na phàirt bunaiteach ann an diathad traidiseanta muinntir na h-Alba, agus thathar ga chleachdadh fhathast ann an iomadh dòigh.

Min-choirce

'S iomadh bhiadh a bhathas agus a thathas a' dèanamh de mhìn-choirce ann an Alba.

Tha aran-coirce no bonnach na bhiadh cumanta fhathast ann an Alba. 'S iomadh chomas a th' aca; thèid a ghabhail le brot an àite aran, airson biadh na maidne le silidh. Is tric a tha daoine gan gabhail le càise, agus tha iad ri fhaicinn air clàran taighean-bidhe cuideachd. Tha aran-coirce air a dhèanamh de mhìn-choirce garbh, beagan geir, salainn, agus uisge teth. Thathar ga fhuine ann an àmhainn, no ga bhruich air greideal.

Tha caochladh thionndaidhean de dh' ULLAG. 'S e mìn-choirce tioram le siùcar a th' ann an ULLAG Siorrachd Rois an Iar [1] a bhathas a' toirt do chloinn air an annas. 'S e mìn-choirce ùr-bhleithte, measgaichte na dhorlach le uisge, bainne no uisge-beatha a th' ann an ullag Ghallaibh, Chataibh agus Leòdhais. Bhathas ga ghabhail gun a bhith ga fhuine idir. An dèidh sin agus na dhèidh, tha tionndadh eile air ullag. Sìol eòrna a bhathas a' caoineachadh ann am poit, cho luath 's a bha e air a bhuain, gus an robh e donn. Bhathar an uairsin ga bhleith air a' bhrà, a' cur uisge teth ris agus salainn.[2]

'S e mìn-choirce agus uachdar a th' ann an stapag-bharra; le siùcar air a chur ris uaireannan.

Tha crannachan na mhìlsean de mhìn-choirce grèidhte, uachdar, mil, uisge-beatha agus sùbhagan-craoibhe. Gun sùbhagan-craoibhe, 's e dìreach stapag a bhios air. Tha crannachan measail air feadh na h-Alba, agus gheibhear diofar thionndaidhean air, mar eisimpleir le aran-milis anns a' bhàrr aig an taigh-bìdh ainmeil The Three Chimneys anns an Eilean Sgitheanach.

Crannachan

'S e brot de mheòg air a thiughachadh le mìn-choirce a th' ann an eanraich no brot-eanraich.

'S e deoch de mhìn-choirce ga chur mun cuairt ann an uisge fuar a th' ann am fuarag. 'S e an aon rud a bh' ann an deoch-gheal a bhite a' toirt dhan bhò.

'S e deoch de mhìn-choirce, salann agus uisge teth a th' ann an stiùrag. Tha e tana mar dheoch-bhrochain, seach tiugh mar bhruthaist.

'S e deoch de mhìn-choirce, siùcar no mil agus uisge-beatha a th' ann an ròmag. Bidh uachdar air a chur ris uaireannan.

Iomraidhean

  1. Faclan is Abairtean à Ros an Iar [1] ;Roy Wentworth
  2. Faclair Gàidhlig gu Beurla Le Dealbhan;Eideard Dwelly; Foillsichte le Gairm ISBN 1 84158 109 7

Ceanglaichean a-muigh

Coirce is Eòrna