Tashkent
Coltas
'S e prìomh-bhaile Usbagastàin a tha ann an Tashkent, (Cànan Usbagastàn: Toshkent, Тошкент, Ruisis: Ташкент). Anns a’ bhliadhna 2006 bha 2.1 millean duine (àireamh oifigeil) a' fuireach anns a' bhaile fhèin, ach canar gu bheil nas motha na 3 milllean daoine ann. Tha am baile suidhichte san àirde an iar de na beanntan Altai air an rathad eadar Chimkent agus Samarkhand. 'S e seo an co-chomharran aige: 41° 18’ Tuath agus 69° 16’ Ear. Dhealbhaich agus thog an t-ailtire Viktor Shevchenko Muileann-clòtha an seo ann an 1937.
Fiach fhaicinn
- Kukeldash Madrassa, Mosg a chaidh a thogail aig àm Abdullah Khan (1557-1598)
- Chorsu Bazaar, faisg air Kukeldash Madrassa anns an seann bhaile Tashkent, 's e margadh cliùiteach a th' ann far an urainnear a h-uile ni a cheannachd.
- Mosg Telyashayakh (Khast Imam Mosg). Tha am pìos as aosta den Churàn a tha ann air feadh an t-Saoghail ri fhaicinn an-seo. Chaidh an Churàn (Qur’ān, Arabais: القرآن al-qur'ān) a sgrìobhadh le Muhammad.
- Yunus Khan Mausoleum, taigh-adhlacaidh às an 15mh linn
- Palace of Prince Romanov, lùchairt às an 19mh linn, dh’fuirich Nikolai Konstantinovich (1850-1918) an seo.
- Alisher Navoi Opera and Ballet Theatre, taigh-cluich far a bheil ballet agus opra Ruiseach ri fhaicinn.
- Fine Arts Museum of Uzbekistan, taigh-tasgaidh
- History Museum, an taigh-tasgaidh as motha ann an Tashkent, taisbeanadh mu eachdraidh na dùthcha
- Amir Timur Museum, taigh-tasgaidh le gàradh cliùiteach.
- Navoi Literary Museum , leabharlan le seann leabhraichean. Tha na leabhraichean a sgrìobh Alisher Navoi, an sgrìobhadair as ainmeile ann an Usbagastàn, rim faicinn an seo cuideachd.
Tha mòran oilthighean agus sgoiltean ann an Taschkent, m.e:
- Oilthigh teicneòlas Tashkent
- Oilthigh nàiseanta Usbagastàin,
- Kelajak Ilmi, Sgoil malairteach eadar-nàiseanta [1]
- Sgoil ionmhasail Tashkent
- Sgoil nàiseanta eòlas lagha
Bailtean Co-cheangailte
Iomradh
Ceanglaichean a-mach
- Dealbhan bho Thashkent ( anns a’ Bheurla)