Jump to content

Aithbhreac inghean Coirceadail

O Uicipeid
Aithbhreac inghean Coirceadail
Beatha
Breith 1430 (Gregorian)
Dùthaich  Rìoghachd na h-Alba
Bàs 1480 (Gregorian)
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd
Gnè ealain bàrdachd

B' e bana-bhàrd a bha ann an Aithbhreac inghean Coirceadail, no mar a chuireadh sinne oirre anns an latha an-diugh Aithbhreac Nic Chorcadail. Cha tàinig ach aon dàn a rinn ise a-nuas thugainn: am marbhrann A phaidrín do dhùisg mo dhéar, a tha air a ghlèidheadh ann an Leabhar Deadhan Lios Mòir agus anns a bheil i a' caoidh a fir, Niall Óg (mac Thorcuil) MacNéill Ghiogha, a bha na chonstabal aig Caisteal Suibhne ann an Cnapadal às leth MacDhòmhnaill nan Eilean, agus a dh'eug, a rèir coltais, uaireigin eadar 1455 agus 1472. Is dòcha gur e seo an dàn as tràithe a rinneadh (ann an Alba no ann an Èirinn) le bana-bhàrd air a bheil ainm cinnteach is ceann-là.[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. WPISW - Scottish Gaelic Poems”. Women's Poetry in Ireland, Scotland and Wales, Oilthigh Aberystwyth. Air a thogail 13mh dhen Mhàrt 2018.