Jump to content

Alasdair MacGriogair

O Uicipeid
Alasdair MacGriogair
Beatha
Breith Gleann Gharthain, 1806
Dùthaich  Alba
Bàs 1881
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd ministear agus sgrìobhadair

B' e ministear agus sgrìobhadair a bh' ann an Urramach Alasdair MacGriogair (1806-1881).

Rugadh an t-Urramach Alasdair MacGriogair anns a’ bhliadhna 1806 an Gleann Gharthain, ri taobh Uisge Dé, an Siorrachd Obar Dheathain far an robh athair 'na mhinisteir. Ghluais athair gu sgìre Chill Mhoire an Tròndairnis anns an eilean Sgitheanach agus an dèidh àireamh bhliadhnachan, shuidhicheadh Alasdair MacGriogair gu bhi 'na cho-aoghaire d’a athair. Dh’fhan e an sgìre Chill Mhoire gus a bhliadhna 1850, an uair a chaidh a ghairm do eaglais Ghàidhlig Dhùn Èidinn. Trì bliadhna an déidh sin, chaidh e do Inbhir Nis, far an do chaochail e anns a’ bhliadhna 1881.[1]

Sgrìobh e àireamh mhòr phàipearan air iomadh stèidh anns a’ Chuairtear, am Fear-tathaich nam Beann, agus anns a’ Ghaidheal, cuid diubh fon ainm Sgiathanach, is cuid eile fon ainm Alasdair Ruadh.

Ann am beachd Watson: 'Bha buaidh shònraichte aig an duine fhoghlaimte urramach seo air nochdadh an cainnt shoilleir bhrìoghmhor nithean àrda agus cudthromach nach gabh mìneachadh gu furasda sa Ghàidhlig.'[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Mac Griogair, An t-Urramach Alasdair (1915): “Air Cruinn-mheallaibh Soillseach nan Speur”, ann an: Watson, W. J.: Rosg Gàidhlig: Specimens of Gaelic Prose. Inverness: An Comunn Gaidhealach, td. 8–13. 

Tuilleadh Leughaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Kidd, S.M. (2003) 'The Rev. Alexander MacGregor: the writer behind the pen-names', Transactions of the Gaelic Society of Inverness, LXI, td. 1-24.