Jump to content

Canada

O Uicipeid
Canada
stàit neo-eisimeileach, dùthaich
Pàirt deAimearaga a Tuath Deasaich
Cur air cois1 dhen Iuchar 1867 Deasaich
Nameꠇꠣꠘꠣꠒꠣ Deasaich
Ainm oifigeilCanada Deasaich
Ainm dùthchasachCanada, Canada Deasaich
Ainm goirid🇨🇦 Deasaich
Tar-sgrìobhadh IPAkanadɑ Deasaich
Participant inPacific War Deasaich
Ainmichte às dèidhStadacona Deasaich
Cànan oifigeilBeurla, Fraingis Deasaich
LaoidhÒ Canada Deasaich
Cultureculture of Canada Deasaich
MottoA Mari Usque Ad Mare Deasaich
MottoA mari usque ad mare Deasaich
Mòr-roinnAimearaga a Tuath Deasaich
DùthaichCanada Deasaich
Prìomh-bhaileOttawa Deasaich
Faisg air an uisgeCuan Siar, Cuan Sèimh, An Cuan Artaigeach, Great Lakes, Hudson Bay Deasaich
Suidheachadh cruinn-eòlaisAimearaga a Tuath Deasaich
Domhan-leud is -fhad56°0′0″N 109°0′0″W Deasaich
Coordinates of easternmost point47°31′24″N 52°37′10″W Deasaich
Coordinates of northernmost point83°6′41″N 69°57′30″W Deasaich
Coordinates of southernmost point41°40′53″N 82°40′56″W Deasaich
Coordinates of westernmost point60°18′23″N 141°0′7″W Deasaich
Puing as àirdeMount Logan Deasaich
Lowest pointAn Cuan Artaigeach Deasaich
Basic form of governmentconstitutional monarchy, federation, parliamentary system Deasaich
Oifis aig ceann-stàitemonarc Chanada Deasaich
Ceannard na stàiteTeàrlach III Deasaich
Oifis aig ceann an riaghaltaisPrìomh-mhinistear Chanada Deasaich
Ceannard an riaghaltaisJustin Trudeau Deasaich
Has cabinetKing's Privy Council for Canada Deasaich
Executive bodyGovernment of Canada Deasaich
Legislative bodyParliament of Canada Deasaich
Highest judicial authoritySupreme Court of Canada Deasaich
Central bankBank of Canada Deasaich
Public holidayunknown value Deasaich
CurrencyCanadian dollar Deasaich
Crìoch còmhla riNa Stàitean Aonaichte, Rìoghachd na Danmhairge Deasaich
Teacsa stéidheachaidhConstitution Act, 1867 Deasaich
Driving sideright Deasaich
Electrical plug typeNEMA 1-15, NEMA 5-15 Deasaich
Na bh’ann roimheProvince of Canada Deasaich
Language usedBeurla, Fraingis Deasaich
Duais a fhuair eNansen Refugee Award Deasaich
Cuspair eòlaisCanadian studies Deasaich
Làrach-lìnhttps://www.canada.ca Deasaich
HashtagCanada, Kanada, canada Deasaich
Top-level Internet domain.ca, .quebec Deasaich
Main regulatory textConstitution of Canada Deasaich
Bratachflag of Canada Deasaich
Gearradh-armArms of Canada Deasaich
Has seal, badge, or sigilGreat Seal of Canada Deasaich
Official symbolNorth American beaver Deasaich
Geography of topicgeography of Canada Deasaich
Feartfree country Deasaich
History of topichistory of Canada Deasaich
Item operatedembassy of Canada, The Hague Deasaich
Official religionno value Deasaich
Patron saintJoseph, Jean de Brébeuf, Saint Anne, North American Martyrs Deasaich
Separated fromRìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann, Rìoghachd Aonaichte, Rìoghachd Aonaichte Deasaich
Tartanmaple leaf tartan Deasaich
Railway traffic sideright Deasaich
Open data portalCanada Open Data portal Deasaich
Economy of topiceconomy of Canada Deasaich
Demographics of topicdemographics of Canada Deasaich
Mobile country code302 Deasaich
Country calling code+1 Deasaich
Trunk prefix1 Deasaich
Emergency phone number911 Deasaich
GS1 country code000-019, 060-099, 754-755 Deasaich
Licence plate codeCDN Deasaich
Maritime identification digits316 Deasaich
Stack Exchange taghttps://travel.stackexchange.com/tags/canada Deasaich
Caractar Unicode🇨🇦 Deasaich
Category for honorary citizens of entityCategory:Honorary citizens of Canada Deasaich
Category for mapsCategory:Maps of Canada Deasaich
Map

'S e dùthaich ann an Ameireaga-a-Tuath a tha ann an Canada[1]. Tha e suidhichte tuath air na Stàitean Aonaichte. Le farsaingeachd 9.93M km² 's e seo an dàrna dùthaich as motha san t-saoghal.

Tha mòran ag aideachadh gu bheil dualchas na Gàidhlig ann an Canada ann an Albainn Nuaidh ann an suidheachadh cunnartach. Cho fad air ais ri 1987, chaidh a dhearbhadh gun robh fìor fheum anns a’ mhòr-roinn air leasachadh taobh na Gàidhlig.

Ann an 1890, chaidh bile thoirt a-steach le Seanadhair Tòmas Raibeart MacAonghais, a rugadh an Ceap Breatainn ach a bha ’na riochdaire airson Cholumbia Bhreatnach; ged nach do shoirbhich leis, bha e ’na bheachd Gàidhlig ainmeachadh mar an treas cànan oifigeil ann an Canada. Dh’ainmich e àireamhan a' Chunntais 1881 a bha sealltainn gum b’e 1,657,266 uil-àireamh an t-sluaigh Albannaich agus Èireannaich, an coimeas ri 1,289,929 de Fhrangaich agus gun ach 881,301 de Shasunnaich. Ged nach robh e cumail a-mach gun robh Gàidhlig aig gach Albannach is Èireannach, na eadhoin aig a’ mhòr chuid dhiubh, thagair e gun robh an àireamh a bha bruidhinn cànan an sinnsir anns an dà bhuidheann nàiseanta mòr gu leòr chum inbhe thèarainte a chosnadh."

Bailtean Mòra

[deasaich | deasaich an tùs]

Seo liosta na bailtean as motha ann an Canada:[2]

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]
Mount Robson, na Beanntainn Creagach ann an Columbia Bhreatannach.

'S e an darna dùthaich as motha anns an t-Saoghal às dèidh na Ruise a th' ann an Canada, agus tha an t-iomall-fairge na Canada nas fhaide na fear aig dùthaich sam bith eile anns an t-saoghal.

Ged as e dùthaich mhòr agus farsaing a th' ann an Canada, chan eil mòran dhaoine a tha a' fuireach innte an coimeas ri dùthchannan eile. Thar farsaingeachd de 9,984,670 km², chan eil ach 32.976.026 (2007) a tha a' fuireach innte, neo 3.2 daoine airson gach km². Tha an cuid as motha de muinntir na Canada a' fuireach eadar Uindseor, Ontairio agus Baile Quebec, Quebec.

Tha na Beanntan Creagach san àirde an iar na dùthcha. Tha an Fhàsach Nk'mip suidhichte ann an Columbia Bhreatannach.

A thaobh am meud agus an doimhneachd, 's e nì as iongantaiche ann na Canada na lochan uisge a th' innte. Tha iad a' toirt bàrr air lochan uisge an t-saoghail; mar a tha Loch Superior, an dàrna loch-uisge as motha sa chruinne a-rèir fharsaingeachd uachdair (Loch Michigan-Huron, 1mh) agus a tha 350 mìle air fad, agus 160 mìle air leud. Tha astar 115 mìle ceithir timcheall an loch-uisge seo, agus tha e 1,332 troigh air doimhneachd. Tha trì no ceithir de na lochan seo dlùth do a chèile; agus a' tearbadh Chanada uachdrach bho Stàitean Aonaichte Aimearaga a tha air an taobh eile. Bho loch gu loch dhiubh seo tha aibhnichean a' ruith, a' meudachadh gu mòr mar a tha iad a' dol air an aghaidh, gus am bheil an abhainn mhòr don ainm an Abhainn Labhrainn(Abhainn naoimh Labhrainn) a' tòiseachadh. Tha an abhainn seo dlùth do 100 mìle air leud far am bheil i a' ruigsinn a' chuain. Tha 1900 mìltean bhon àite bho am bheil an abhainn seo ag èirigh, a dh'ionnsaigh an àite far am bheil i a' coinneachadh na fairge. Tha aon àite air Abhainn Labhrainn a tha air ainmeachadh "loch nam mìle eilein"; tha 117 eilean ann an aon ruith air an abhainn seo. Tha iad do gach cumadh agus meudachd, fo choille dhreachmhor. Anns na h-àiteachan sin, far am bheil loch a' tuiteam a-staigh do loch eile mar a tha iad a' tèarnadh le leathad chum a' chuain, tha sruthan brasa, agus leumannan uisge nach eil an coimeas ri fhaicinn anns an t-saoghal gu lèir.[3]

Mòr-roinnean Chanada

[deasaich | deasaich an tùs]
Faic cuideachd: Mòr-roinnean Chanada

Tha na deich mòr-roinnean aig Canada air an ainmeachadh mar a leanas còmhla ri na prìomh-bhailtean agus a' bhliadhna anns a dh'aonaich iad leis an dùthaich. Tha trì roinnean ann an Canada cuideachd, 's e sin Roinnean an Iar Thuath, Nunabhùt is Roinn an Iucon.

Roinn Giorrachadh Prìomh-bhaile Ghabh ballrachd an co-chaidreachas
Ontàirio ON Torònto 1 an t-Iuchar, 1867
Cuibèg QC Cathair na Cuibèige 1 an t-Iuchar, 1867
Alba Nuadh NS Halafacs 1 an t-Iuchar, 1867
Bronsuic ùr NB Baile-feardorcha 1 an t-Iuchar, 1867
Manatòba MB Uinnipèg 15 an t-Iuchar, 1870
An Chaluim bhreatainn BC Bhioctoria 20 an t-Iuchar, 1871
Eilean Eòin PE Baile Sheàrlot 1ad, an t-Iuchar, 1873
Sascàiteuain SK Reginea 1 an t-Sultain, 1905
Albàrta AB Eadmonton 1 an t-Sultain, 1905
An Talamh Ùr is Labrador NL Baile Naoimh Eòin 31 am Màrt, 1949
Roinnean an Iar Thuath NT Sgian-bhuidhe 15 an t-Iuchar, 1870
Roinn an Iucon YT Each-bàn 13 an t-Ògmhios, 1898
Nunabhùt NU Icialuat 1 an Giblean, 1999

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  2. Mongabay
  3. gun urra (16mh dhen Ògmhios 1894): “Lochan Chanada,” ann an: Mac-Talla, td. 3. Air a thogail 29mh dhen Lùnasdal 2023.
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tuilleadh Leughaidh

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Ùghdarras Parlamaid Chanada. 1892. Fiosrachadh 'o'n Luchd-Riaghlaidh Mo Dheighinn Chanada .pdf bho Leabharlann SMO.
  • Iain a' Chaoil. 'Gàidheal ann an Canada' (4), Gairm 57, An Geamhradh 1966. d.30-31.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]