Fuente de Cantos
Fuente de Cantos | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | An Spàinn |
Ceàrn | Badajoz |
Sgìre | Extremadura |
Co-chomharran | 38° 14' 48' Tuath 06° 18' 33' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 251.8 km² |
Àireamh-shluaigh | 4,687 (2020) |
Dlùths | 18.61/km² |
Àireamh fòn | + 34 924 |
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile beag faisg air Zafra, air an àirde an iar na Spàinne, suidhichte aig 582m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-Aibhne Taconal, 's a th' ann am Fuente de Cantos (Estremeñu: Huenti de Cantus, Gàidhlig: Tobar nan Òran). 'S ann ann an roinn Badajoz, ann an Extremadura a tha e. Tha 4,687 daoine a’ fuireach anns a' bhaile.[1]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Thug feachdan Napoléon Bonaparte ruaig air saighdearan na Spàinne air 15 an t-Sultain 1810, aig Blàr Fuente de Campos. Chaill mu 600 duine am beatha, a' mhòr-chuid dhuibh Spàinntich.[2] Ann an 1934 bha am baile fo stiùir phròbhaist shòisealach air an robh Modesto José Lorenzana,[3] a rinn tòrr airson a' bhaile a leasachadh. B' e esan thug piseach air solarachadh uisge dhan na daoine, agus chleachd e ionmhas a' bhaile airson biadh a thoirt dhan na daoine bochd acrach gortach, leis cho cruaidh 's a bha cion-consaidh aig an àm. Nuair a thoisich Cogadh Sìobhalta na Spàinne, chaidh a chur an greim leis na Faisistich, a dh'fhagadh air gun do ghabh e ri mì-ghnàthachadh airgid poblaich agus chuir iad gu bàs e.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Dictionnaire historique des batailles, sièges et combats de terre et mer qui ont eu lieu pendant la Révolution française, t. 2, Paris, Ménard et Desenne, 1818
- ↑ The Spanish Holocaust, Paul Preston, Harper Press, 2012, ISBN|978 0 00 255634 7
- ↑ Badajoz Turismo