Gleann na Cille
‘S e gleann àrd le dam anns an ìochdair, shuas anns na Beanntann a Deas, faisg air Dùn Phrìs a th’ann Gleann na Cille. Tha e suidhichte aig 158m os cionn ìre na mara, dìreach 12km air falbh bho Dhùn Phrìs fhèin,[1] iomradh OS NX8477.[2] Tha am pàirc deilbhidh ann an Gleann na Cille uabhasach ainmeil aig ìre eadar-nàiseanta.
Iasgach
[deasaich | deasaich an tùs]‘S e dam làn fìor uisge a th' ann an seo agus dh’fhaodadh iasgach a dhèanamh le cead bho na h-ùghdarrasan ionadail.[3] Tha uisge an locha a’ sruthadh shìos gu ruige na mara (agus an Abhainn Nead) tron Allt Cluden.[4]
Pàirc deilbhidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh cruinneachadh dhe deilbheadh a chur air dòigh an seo leis na Keswick, uachdairean na sgìre ann an 1951.[5] Bha iad dlùth air Henry Moore agus bhrosnaich e iad gus an gnothaich sin a dhèanamh. Tha ceithir pìosan le Henry Moore ann:[6] An Rìgh is a' bhànrighinn (1955), Cros Gleann na Cille (1955 – 1956), shuas air a’ chnuic, Duine na Sheasamh (1950) agus Duine na laighe àireamh a dhà (1959) a bharrachd air Eòin Baistidh, obair a rinn Auguste Rodin ann an 1878, aig toiseach tòiseachaidh a dhreuchd. Tha A’ Chuairt, a rinn Jacob Epstein ann an 1926 an seo cuideachd.[7]
Rothaireachd
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Gleann na Cille na phàirt lìonra roinneil rothaireachd Dhùin Phrìs is na Gall-Ghàidhealtachd.[8] Tha Cearcall Gleann na Cille dìreach dà uair a thìde bho agus air ais gu Dùn Phrìs.[9] Tha na rathaidean gu math aonaranach an seo agus tha deagh shoighnichean ann cuideachd.
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Eòin Baistidh le Auguste Rodin
-
A' Chuairt le Jacob Epstein
-
Duine na Sheasamh le Henry Moore
-
An Rìgh is a’ Bhànrighinn le Henry Moore
-
Cros Gleann na Cille le Henry Moore
-
Duine na laighe àireamh a dhà le Henry Moore