Jump to content

Plosgadh

O Uicipeid

Is e Plosgadh a' bhuille-chridhe a dh'fhairichear an àite sam bith dhen bhodhaig sa bheil a' chuisle dlùth don chraiceann. Ged a tha cunntadh a' phlosgaidh anabarrach doirbh don duine neo-ealanta, aithnichear a' bhuille nas fhasa le barr nam meòirean ma tha cnàimh air cùl na cuisle. Is ann air an adhbhar sin a bhithear a' cunntadh a' phlosgaidh air caol an dùirn, far a bheil Cuisle na Lànaig cho dlùth don chraiceann 's gum fairichear am plosgadh gu rèidh an aghaidh a' chnàmha a tha foidhpe; ach faodar a chunntadh an iomadh àite eile, mar a tha Cuisle Mhòr na h-Amhaich, Cuisle na h-Oisne ron chluais no an tobar a' chinn ann an naoidheanan. Innsear sin dhuinn braisead, treisead agus rèidheachd obair a' chridhe.

An coitcheannas bidh 72 buille sa mhionaid aig an fhuil ann an cuisle duine, 100 an cuisle naoidhein, ach luathaichear am plosgadh le deochanna làidir, leis a' mhòr-chuid de dh'fhiabhrasan, ri linn adhbhair-bhrosnachaidh air bith: ni claoidheachd agus sileadh fala, plosgadh fann; dochannan àraidh anns a' cheann, plosgadh bras-bhuilleach.

  1. Ceud-fhuasgladh do na daoine leointe; An Comunn Gaidhealach
  2. Ban-altrumachd aig an tigh; An Comunn Gaidhealach