Jump to content

Port Rosnait

O Uicipeid
Port Rosnait

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Whithorn[1]
Co-chomharran 54° 42′ 00″ Tuath
04° 22′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG8[2]
Duilleag oifigeil Isle of Whithorn

‘S e baile beag dùthchasail agus port faisg air Whithorn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Port Rosnait (Beurla/Beurla Ghallta: Isle of Whithorn). Tha e suidhichte shìos aig ìre na mara,[3] ann an ceann a deas Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975. Tha e 307km air falbh bho Obar Dheathain, 130km bho Ghlaschu, 64km bho Dhùn Phrìs agus 158km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Port Rosnait. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus iasgach. Tha an t-Eilean Mhanainn ri fhaicinn bho an seo nuair a bhios an aimsir math.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à port agus ros anns a' Gàidhlig a tha an t-ainm.[5]. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[6] Bheireadh sin Eilean an Rois Gile dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

Ann an 1973 chaidh sealladh neo dhà às an fhilm Wickerman fhilmeadh ann an Uamh an Naoimh Ninian, a tha eadar na creagan air a' chosta eadar Port Rosnait agus Glasserton.[7]

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Phort Rosnait fhèin a bhuineas Port Rosnait, a ghabhas a-steach an sgìre ann an ceann a deas na Machrach. Tha dìreach 360 duine a' fuireach san sgìre air fad.[8] Tha 10 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla an Naoimh Ninian, ann am Port Rosnait. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[9]

Gnàth-shìde

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.6 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1030mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Port Rosnait. Tha sileadh uabhasach trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Port Rosnait.[10] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 58mm eadar an Giblean (dìreach 58mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (116mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.6 °C.

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.
  • 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.[11]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Falling Rain
  4. Luftlinie
  5. Mac an Tàilleir, Iain: “Gaelic Placenames”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023 (pdf).
  6. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  7. Movie Locations
  8. A' Chomhairle
  9. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  10. Climate Data
  11. Còmhdhail na Comhairle