Jump to content

Barcelona

O Uicipeid
Barcelona
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich an Spàinn
Ceàrn Catalòinia
Sgìre Barcelona
Co-chomharran 41°23′ Tuath
2°11′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 100.4 km²
Àireamh-shluaigh 1.595.110 (2007)
Dlùths 0.02/km²
Àireamh fòn +34 93
Duilleag oifigeil www.barcelona.cat

'S e prìomh-bhaile Chatalòinia agus port[1] cudromach a tha ann am Barcelona (Catalanais IPA: bəɾsəˈlonə, Spàinntis IPA: baɾθeˈlona). 'S e an dàrna baile as motha anns an Spàinn. Tha e suidhichte mu 120 cilemeatair air àird a deas na Beanntan Pirineach air oirthir a' Mhuir Mheadhanaich. Anns a' bhliadhna 2007 bha 1,595,110 duine a’ fuireach anns a' bhaile fhèin. Tha Catalanais agus Spàinntis nan cànain oifigeil ann am Barcelona.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann às an ainm (Barkeno) (Barkeno) ann an Ibearais no Foìnis a th' ann.[2] Bha baile fo bhuaidh nan Ròmanach an seo air an robh Colonia Faventia Julia Augusta Pia Barcino ann an Laideann (Βαρκινών ann an Greugais). Bha teòiridh eile ann a chanadh gur robh an t-ainm ceangailte ri Hamilcar Barca, athair Hannibal, ach chan eile mòran dhaoine a' gabhail ri seo an latha an-diugh.[3] Fad nan linntean dh'atharrachadh fuaimeanachadh an ainm mar a leanas: Barcilonum → Barceno → Barchelona → Barçalona → Barcelona.

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[4]

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann am Barcelona.[5] Cha thuit ach 621mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 552mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[6] - leis gur e àite caran fliuch a th' ann, an taca ri àiteachan eile san Spàinn.

Daoine ainmeil à Barcelona

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Port de Barcelona
  2. Emerita: Revista de Lingüística y Filología clasica 11, 194
  3. Historia breve de Barcelona, Agustí D., Sílex Ediciones, 2008
  4. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  5. Aemet
  6. Oifis na Sìde
  7. Annuaire de France
  8. Stadt Köln
  9. Annuaire de France
  10. Annuaire de France