Sadí de Buen Lozano
Sadí de Buen Lozano | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Barcelona, 18 dhen Iuchar 1893 |
Dùthaich | Na Dùthchannan Catalanach |
Bàs | Córdoba, 3 dhen t-Sultain 1936 |
Nàdar a’ bhàis | (leòn peileir) |
Teaghlach | |
Athair | Odón de Buen y del Cos |
Màthair | Rafaela Lozano |
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Complutense Madrid |
Cànain |
Catalanais Spàinntis |
Luchd-teagaisg | Gustavo Pittaluga (mul) |
Dreuchd | |
Dreuchd | lighiche agus parasitologist (en) |
B' e lighiche, parasait-eòlaiche agus fear-saidheans às An Spàinn a bh'ann an Sadí de Buen Lozano (Barcelona, 18 an t-Iuchar 1893 - Córdoba, 3 an t-Sultain 1936).[1]
Beatha agus Obair
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh agus thogadh e ann am Barcelona, far an robh athair, Odón de Buen y del Cos, na ollamh aig Oilthigh Bharcelona. Phòs e aig Berta López de Heredia agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.[2]
Thug e ceum à Oilthigh Bharcelona agus chuir e seachad bliadhnaichean aig obair fon neach-rannsachaidh Eadailteach Gustavo Pittaluga. Stèidhich iad seirbheis an aghaidh mhailèiria (Spàinntis: Servicio Español de Lucha Antipalúdica) agus rinn iad sàr obair an aghaidh a' Ghalair ann an Cáceres agus air feadh Chatalòinia, far an robh mailèiria na bu làidire. Dh'fhàs e a bhith na cheannard sheirbheis Shlàinte na Spàinne ann an 1931.[3]
Bha e air taobh na Poblachd agus na bhall an UGT - aonadh-ciùird cudromach - agus air sàilleabh sin chaidh a chur gu bàs leis na Faisistich aig toiseach tòisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne.[4] Bha e ann an Córdoba nuair a sheas an t-Arm an aghaidh an Riaghaltais. B' fheudar dhan teaghlach aige an dùthaich fhàgail agus chaidh iad gu Meagsago nam fògarraich.
Na sgrìobh e
[deasaich | deasaich an tùs]- De Buen, S. (1926) Note préliminaire sur l'épidémiologie de la fièvre récurrente espagnole (Fraingis). Annales de Parasitologie Humaine et Comparée 4: 185-192.